Sadece LitRes`te okuyun

Kitap dosya olarak indirilemez ancak uygulamamız üzerinden veya online olarak web sitemizden okunabilir.

Kitabı oku: «Coinneach Odhar, Am Fiosaiche», sayfa 3

Yazı tipi:

Thuirt Coinneach "Beirear nighean mhaol dubh air cùl Eaglais Ghearrloch." Thachair so; aig cruinneachadh sluaigh, saothair-chloinne gu h-obann air mnaoi òig, a bha anns an éisdeachd aig cùl na h-Eaglais, agus mum b' urrainn dhaibh a giùlan air falbh as an àite, rug i an "nighean mhaol dhubh." Tha sliochd na h-ighinn maoile dhuibhe so ri fhaicinn, agus ri fhaotainn, gus an latha an diugh ann an Gearrloch; agus mar so tha fiosachd Choinnich air teachd gu crich.

Rinn Coinneach fiosachd mu Mhac Leòid Dhun-bheagain: "Nuair a gheibh Tormaid nan Tri Tormaid, mac na mnatha caoile cruaidhe Sasunnaich, bàs le sgiorradh; nuair a reicear Maighdeannan Mhic Leòid ri fear de na Caimbeulaich; nuair a bheireas galla-shionnaich cuain chuilean ann an aon de bhinneanaibh a' chaisteil; agus nuair a bheirear air lom a Bhratach Shith an uair mu dheireadh, siùbhlaidh greadhnachas Mhic Leòid air falbh; reicear a' mhor chuid de 'n oighreachd ri coigrich; bidh am fine cho tearc us gun giùlain 'curach beag' thairis air Loch Dhunbheagain na bhios ann de dh' uaislibh de'n chinneadh. Ach ùine mhor, fhada an deigh sin thig 'Iain Breac' eile, agus aisigidh e an oighreachd, agus bidh cliù an taighe na 's àirde na bha e riamh." Thachair cuid de'n fhiosachd so. Mharbhadh Tormaid nan Tri Tormaid, nuair a shèideadh suas le fùdar an long-chogaidh an Queen Charlotte, air an robh e 'na oifeach. Reiceadh na creagan d' am b' ainm "Na Maighdeannan" ri Aonghas Caimbeul, agus tha iad fhathast aig ogha dha mar sheilibh. Bha peata sionnaich aig Caiptean Mac Gilleain, a bha fuireach ann am mullach a' Chaisteil, agus rug i cuain chuilean; agus chunnaic agus laimhsich Dr. Mach Leòid, Tormaid mor Gaidhealach an Teachdaire, na cuileanan, air a bhliadhna 1799, air dha bhi ann an Caisteal Dhunn-bheagain, 'san Eilean Sgiathanach. Chunnaic e mar an ciadna aig an àm sin "Bratach Shith" Mhic Leòid 'ga toirt air lom as a' chist iaruinn san robh i an tasgadh, air a dùnadh suas ann am bocsa fiodha chùbhraidh, deagh-bholtrach. Bha 'bhratach na mir ceithir-chearnach de shioda luachmhor air fhigheadh le croisean tarsuinn de shnàthuinnibh òir. Tha chuid eile de 'n fhàisneachd ri tighinn, ma thig i idir.

Bheir sinn fainear a nis mar a thainig crioch a bheatha air Coinneach Odhar. Ri linn Righ Tearlach II., an deidh dha bhi air aiseag a chum a' chrùin agus na righ-chathrach, chaidh Iarla Shi-phort, Coinneach, an treas Iarla, air teachdaireachd gu Paris, baile mor na Frainge, agus dh' fhàg e a' Bhan-Iarla aig an taigh ann an Caisteal Bhrathainn. Dh' fhuraich an t-Iarla ùine fhada ann am Paris, agus thòisich a' Bhan-Iarla air gabhail fadail agus iogh-naidh nach robh e a' tighinn dachaidh. Ma dheireadh thall chaill i a foighidinn agus chuir i fios air Coinneach Odhar gus an innseadh e rud-eigin di mu thimchioll an Iarla. Thainig Coinneach a dh'ionnsuidh Caisteal Bhrathainn, agus dh'fhoighneachd a'Bhan-Iarla dheth am b'urrainn da innseadh cia dhiubh a bha an t-Iarla beò no marbh. Chuir Coinneach Clach na Fiosachd ri shùil, agus le àrd ghàireachdaich labharr, thuirt e ris a' Bhan Iarla, "Na biodh eagal sam bith ort mu thimchioll an Iarla' tha e slàn, fallain, tearuinte, cridheil, mireagach, sùnndach." Dh' fheòraich a' Bhan-Iarla an sin ciod a bha e deanamh agus co bha timchioll air. Thubhairt Coinneach rithe, – "Gu ma leòr" leat na chaidh innseadh; na farraidh ceist air bith; bi toilichte le fios gum bheil am morair slàn agus sùnndach." "Ach," ars' ise, "cait am bheil e? Co leis a tha e? agus am bheil e deanamh deisealachd air son tighinn dachaidh?" Thubhairt am fiosaiche, "Tha am morair ann an seòmar mor greadhnach, ann am measg cuideadhd grinn, agus ri aighear 'us mire, ionnus nach 'eil guth aige air baile mor na Frainge fhagail aig an àm so." Ach cha bu leòr am freagradh so leis a' Bhan-Iarla; chuir i thuige Coinneach gus an innseadh e an t-iomlan mu thimchioll a fir. Ghuidh i le griosadan, thairg i duaisean, agus mhaoidh i air le bagraidh, gus an innseadh e na b'aithne dha. Air do Choinneach e fhéin a chaisleachadh agus a chloimhdeachadh, thubhairt e rithe, "Bho 'n is àill leat fios fhaotainn air na dh' fhagas mi thoilichte thu, is eiginn domh an fhirinn innseadh dhuit. Is beag smuain a tha aig Morair Mac Coinnich ort fhéin, no air a chlainn, no air a dhachaidh anns a' Ghàidhealtachd. Chunnaic mis' e ann an seòmar òraichte, air a chòmhdach le bhelbheid, sioda agus aodach òir; bha e air a ghlùinean air beulaobh ribhinn mhaisich, a làmh timchioll air a cneas, agus a làmh-se air a bhilean." Nuair a chual' a Bhan-Iarla so las i le feirg, agus dh' at i suas le h-àrdan. An fhearg a bha nàdurra gu leor an aghaidh an Iarla, thionndaidh i gu h-eucorach an aghaidh an fhiosaiche. Ghabh i oirre nach robh i creidsinn na fiosachd, agus chuir i roimpe am fiosaiche a chur gu bàs. Thubhairt i ri Coinneach "Labhair thu toibheum mu àrd-inbhe, mhaslaich thu maithean na tire, thug thu tàmailt do cheann-feadhna mor an làthair a chinnidh. Thug thu tàir dhòmhsa agus do'n chaisteal, agus labhair thu gu sgainnealach mu 'n mhorair ann an lùchairt mhoir a shinnsear; air an aobhar sin, is eigin domhsa do chur gu bàs." Ghabh Coinneach iongantas agus uamhas nuair a chual' e na briathran a labhair a Bhan-Iarla, a bha na bain-diabhul cruaidh-chridheach, an-iochdmhor, gun tròcair. Shaoil leis an fhiosaiche gur h-ann a gheibheadh e duais air son 'fhiosachd, ach b'e an duais a fhuair e am bàs. Dh' òrduich am boirionnach mallaichte a thoirt a mach gu bhi air a losgadh ann am baraille tearra aig a' Chananaich, le òrdugh Easbuig Rois, dhe 'n Eaglais Easbuighich Albannaich.

Yaş sınırı:
12+
Litres'teki yayın tarihi:
30 haziran 2017
Hacim:
19 s. 1 illüstrasyon
Telif hakkı:
Public Domain