Kitabı oku: «Coinneach Odhar, Am Fiosaiche», sayfa 5
Air an doigh so chriochnaicheadh beatha an fhiosaiche, agus cha 'n 'eil e coltach gun rachadh an sgeula ud a dheilbh mu 'bhàs mur tachradh an ni mar a chaidh aithris. Nan d' fhuair Coinneach bàs nàdurra 'na leabaidh, cha ghabh e creidsinn gun rachadh an sgeula truagh ud a dheilbh no chur air chois. Ach ciod a their sinn mu luchd-dreuchd Eaglais a thug gnùis da leithid sud de ghniomh oillteil, agus a dh' aontaich ris? Bha iad air son a' Bhan-Iarla a thoileachadh gu cinnteach, ach anns na linnibh dorcha sin bha e 'na chleachdadh a bhi losgadh nam buitseach agus nam fiosaichean, agus is iomadh creutair truagh a chuireadh gu bas fo 'n chùis-dhitidh so, aig nach robh tuilleadh buitseachd na tha aig an lair-ghlais, Bheir sinn cùnntas a nise mar a thainig faisneachd Choinnich Uidhir gu teachd mu thimchioll teaghlaich Iarla Shi-phort, faisg air ciad gu leth bliadhna an deigh bhi air a labhairt.
Chunnaic sinn mar a thachair do'n fhiosaiche. Rachamaid a nise agus faiceamaid ciod a thainig gu buil de 'n fhiosachd mu dheibhinn Mhic Coinnich Bhrathainn. Fhuair an t-Iarla a bha ann ri linn Choinnich am bas air a' bhliadhna 1678; fhuair a mhac, an ceathramh Iarla, am bas; chaill an coigeamh Iarla, mac an fhir so, an oighreachd agus an tiodal chionn gun d' éirich e ann an aobhar Sheumais air a' bhliadhna 1715. Ach dh' aisigeadh an oighreachd dha air a' bhliadhna 1726, agus air a' bhliadhna 1771 fhuair a mhac an tiodal Iarla Shi-phort. Gidheadh bhàsaich an tiodal leis fhéin air a' bhliadna 1781. Nuair a bhàsaich e cha robh oighre aige, ach fhuair ogha bràthar a shean-athar an oighreachd, a mheal e re dha bhliadhna, oir chaidh a mharbhadh 's na h-Innseachaibh an Ear air a' bhliadhna 1783. Thainig a bhràthair na 'àite, am Mac Coinnich mu dheireadh a bha ann am Brathainn, anns an do choilionadh faisneachd an fhiosaiche.
Rugadh Fraing Mac Coinnich so air a' bhliadhna 1764. Bha uile bhuadhan agus cheud-faithean a chuirp agus 'inntinn aige gun deireas nuair a rugadh e, ach chaill e a chlaistneachd agus dh' fhas e bodhar leis an Teasaich Scarlaid nuair a bha e 'na ghiullan òg a' dol do 'n sgoil sia bliadhna deug a dh'aois. Nuair a dh' fhàs e mor agus a fhuair e oighreachdan Bhrathainn an deidh bàis a bhràthar, chuir e reiseamaid air a cois a chogadh ri Bonapart, air a' bhliadhna 1807, agus fhuair e bhi na Sheanalair air a' bhliadhna 1808. Bha ceathrar mhac aige, ach fhuair fear dhiubh bàs na òige. Dh' fhàs an triuir eile gu bhi nan daoinibh, ach fhuair iad bàs fear an deigh fir, gus nach d'fhàgadh a h-aon diubh beò. Bha am fear mu dheireadh 'na òganach maiseach, gealltanach, aig an robh buadhan inntinn taitneach, ach bhuail eucail throm e, agus chaidh e gu taobh deas Shasuinn air son a shlàinte, far an d' fhuair e bàs. Nuair a fhuair seann Mhac Coinnich sgeula bàis a' mhic cha do labhair e riabh tuilleadh agus dh' fhàs e balbh, oir cha labhradh e facal, cia dhiubh a bha e neo-chomasach no mi-thoileach air bruidhinn. Fhuair e am bàs air an aonamh latha deug de Ianuaraidh, 1813, am fear mu dheireadh de a theaghlach.* Thainig an nighean bu shine dhiubhsan a bha beò an àite a h-athar gu seilbh air oighreachd Bhrathainn. Bha i pòsda ris an Ard-mharaiche, Sir Samuel Hood, ceann-feadhna cahbhlaich Bhreatuinn anns na h-Innseachaibh an Iar 's an Ear; ach fhuair e am bàs san airde 'n Ear 'na dhuine òg; agus mar sin bha a bhean 'na bantraich oig nuair a dh' eug a h-athair. Agus, thainig i dhachaidh as na h-Innseachan le Currachd Ban na bantraich air a ceann, agus b'e Hood a b'ainm dhi. An deigh sin phòs i Mr. Stiùbhart, ogha do Iarla Ghalloway, agus ghabh esan ainm Mhic Coinnich an co-thaice ri anim fein; agus mar sin theirteadh Stiubhart Mac Coinnich ris. Air an dòigh so chaidh oighreachd Bhrathainn thairis bho shliochd nam firionnach ann an seann teaghlach Chinn-Tàile. An deigh sin reic Mr. agus Mrs. Stiùbhart Mac Coinnich eilean Leòdhais ri Sir Seumas Mathanaich. Air latha àraid bha Mrs. Stiùbhart Nic Coinnich ann an carbad sealltaidh no carbad ponaidh. Ghabh na sealltaidhean eagal agus ruith iad air falbh nan still, 's nan deannaibh. Cha b' urrainn a Bhain-tighearna an casg, agus thilgeadh i fhéin agus a piuthar a mach as a' charbad. Chaidh an ciùrradh agus am bruthadh gu goirt: ach leighiseadh a' bhaintighearn ann an ceann beagan ùine, gidheadh fhuair a piuthar a b' òige am bàs leis an dochann a rinneadh oirre. Mar so thainig fàisneachd Choinnich gu crich, agus dh'aobharaich Baintighearna Bhrathainn bàs a peathar, ged nach robh coire aice ris. Bha na ceithir tighearnan eile 'nan comh-aoisibh do Mhac Coinnich, Sir Eachann Ghearrloch, an tighearna storach, an Siosalach, air an robh milleadh maighich, tighearna Ghrannda bha 'na amadan, agus Mac-Gille-Challuim gagach.
Tha sinn a nise toirt na h-eachdraidh ghoirid so gu crich. Chaidh, gun teagamh sam bith, moran de dh' fhiosachdan Choinnich a choilionadh gu litireil, agus tha daoine ann a tha dhe 'n bharail gu 'm bi tuilleadh dhiubh air an coilionadh fhatast, Biodh sin mar a bhitheas, theid iomadh bliadhna 's linn seachad mu 'n sguirear a bhi 'g aithris, am measg nan Gàidheal, gach fiosachd iongantach a rinn e, am bàs uamhasach a dh' fhuiling e, agus mar a thainig an caluman 's a laidh e air a luaithre – an ni a thubhairt Coinneach fhéin a bha gu tachairt, mar chomharradh air gu robh 'anam air a ghiùlan gu Flaitheanas.